Main content
This programme is not currently available on Â鶹ÊÓƵAV iPlayer

Na Boireannaich a Thog Glasgow City

The inspiring journey of Carol Anne Stewart and Laura Montgomery, the formidable duo who founded Glasgow City FC in 1998.

Denied a pathway to football as children, this is the inspiring journey of Carol Anne Stewart and Laura Montgomery, the formidable duo who had a vision of creating sporting opportunities for women and girls in Scotland. They founded Glasgow City FC in 1998 with aspirations to become a dominant force in Scottish football and a strong contender in Europe. They delivered, creating Scotland’s most successful women’s football team, winning 13 League titles in succession and reaching Uefa's Women’s Champions League quarter-finals twice. Sustaining their legacy is the club’s thriving academy, enabling girls to follow their footballing dreams.

Le slighe gu dreuchd ball-coise air a dhiùlt dhaibh an uair a bha iad nan cloinn, tha Na Boireannaich a Thog Glasgow City ag innse sgeulachd Carol Anne Stewart agus Laura Montgomery, an dithis aig an robh an lèirsinn cothroman a chruthachadh airson boireannaich is clann-nighean ann an Alba. ’S iadsan a stèidhich Glasgow City FC ann an 1998 le amas tighinn am bàrr an Alba sa chumadh ceann a’ mhaide ris an clubaichean as motha san Roinn Eòrpa. Chan eil teagamh nach do shoirbhich leotha le trì deug tiotal an sreath a chèile a thuilleadh air a bhith a’ ruighinn cairteal cuairtean deireannach Champions League nam Ban dà thuras. Tha an Academaidh shoirbheachail aca a’ feuchainn ris an dìleab a chumail a’ dol, a’ toirt cothrom do nigheanan òga dreuchd a dheànamh dhaibh pèin ann am ball-coise.

In Gaelic with English subtitles

59 minutes

Last on

Fri 28 Jun 2024 21:00

Ailig O’Henley - Preseantair

Ailig O’Henley - Preseantair

Tha Ailig O’Henley à Uibhist a Deas air a bhith ag obair mar neach-naidheachd Albannach airson UEFA bho 2004. Bhon uair sin, tha e air a bhith mar phàirt dhen sgioba-naidheachd aca aig farpaisean EURO 2004, 2008 agus 2012; a thuilleadh air a bhith ag aithris air farpaisean Eòrpach eile, leithid an Champions League agus Europa League, an dà chuid an seo an Alba agus ann an Sasainn. Cluinnear Ailig gu tric ag aithris air ball-coise na h-Alba is na Roinn Eòrpa airson Â鶹ÊÓƵAV Radio nan Gàidheal agus cuideachd mar neach-aithris agus eòlaiche airson na geamaichan SPFL is eile aig Â鶹ÊÓƵAV ALBA.

Alex O’Henley from South Uist has been UEFA’s Scottish Football Correspondent since 2004. Since then, he’s been part of their reporting team at the EURO 2004, 2008 and 2012 European Championship finals; as well as following the fortunes of domestic clubs in the Champions League and Europa League competitions. Here in Scotland, Alex is a regular contributor to Â鶹ÊÓƵAV Radio nan Gàidheal on Scottish and European football issues and is also a commentator and summariser for Â鶹ÊÓƵAV ALBA’s SPFL match coverage.


Margo McCuaig - Riochdaire, Sgrìobhadair agus Stiùiriche

Margo McCuaig - Riochdaire, Sgrìobhadair agus Stiùiriche

'S e Stiùiriche a th’ ann a Margot McCuaig agus tha i air duaisean a chosnadh airson am Prògram ³§±èò°ù²õ is Fheàrr aig an Royal Television Society (RTS) ann an Alba le fiolmaichean air Jock Stein, Jim Baxter, Tommy Burns agus Elena Baltacha – prògraman a chaidh an riochdachadh le purpleTV airson Â鶹ÊÓƵAV ALBA. 'S i cuideachd a stiùir na prògraman Gothenberg 83 agus Tartan Pride, a fhuair gu geàrr-liosta dhuaisean an RTS, agus am fiolm Jimmy Johnstone a chaidh a mholadh airson torc umhach aig Fèis nam Meadhanan Cèilteach ann an 2017. Buinnidh Margot do dh’Eilean Reachraidh agus Glaschu.

Margot McCuaig is the award-winning director of the RTS Best Sport Programme films Jock Stein, Jim Baxter, Tommy Burns and Elena Baltacha – produced by purpleTV for Â鶹ÊÓƵAV ALBA. She also directed the RTS shortlisted Gothenburg 83 and Tartan Pride films, and the feature-length Jimmy Johnstone film, nominated for a Bronze Torc for Excellence at the Celtic Media Festival is 2017. Margot is from Glasgow and Rathlin Island.

Credits

Role Contributor
Narrator Alex O'Henley
Director Margot McCuaig
Executive Producer Iseabail Mactaggart

Broadcasts

Featured in...